Co-labhairt ann an Uibhist a' comharrachadh 10 bliadhna de Stòras Uibhist

Bha Stòras Uibhist a' coimhead ri obraichean ann an sgìre dhùthchail aig co-labhairt a' comharrachadh deich bliadhna bho fhuair muinntir Uibhist a Deas sealbh air an fhearann aca.

Bha Ministear nan Eilean Humza Yousaf an làthair agus, ged nach do dh'fhoillsich e taic-airgid ùr, gheall e gun cumadh e air ag èisteachd 's a' conaltradh leis a' choimhearsnachd airson taic a thoirt dhaibh san àm ri teachd.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.

Air fhoillseachadh