Gainnead oileanach aig Colaiste a' Chaisteil

Sheall aithisg bho Bhuidheann Sgrùdaidh na h-Alba gun robh Colaiste Chaisteal Leòdhais a-measg trì cholaistean ann an Alba nach do cho-lion na targaidean aca a thaobh àireamhan luchd-ionnsachaidh an-uiridh.

Tha stiùirichean na colaiste air aideachadh gu bheil trioblaidean air a bhith aca a' tàladh oileanach - ach tha iad ag ràdh gu bheil atharrachadh a chaidh a dhèanamh air an t-siostam maoineachadh aca air a bhith na dhùbhlan dhaibh.

Tha tuilleadh aig Ruaraidh Rothach.

Air fhoillseachadh