Ailtearan air am fastadh 'son Ionad Chnuic Shoilleir

Chaidh ailtearan fhastadh le Ceòlas airson an t-ionad culturail ùr, Cnoc Soilleir, a dhealbhachadh.

Tha a' bhuidhean ag obair ann an com-pàirteachas le Colaiste Chaisteal Leòdhais airson an t-ionad a leasachadh aig Crois Dhalabroig.

Tha clàr-ama glè theann ma choinneamh na pròiseict - a dh'fheumas a bhith deiseal ro dheireadh na h-ath bhliadhna.

Mar a tha Shona Nic Dhomhnaill ag aithris, ma theid cùisean mar a bu chòir, bidh grunn obraichean an luib an ionaid ùir.

Air fhoillseachadh