Beachdan gan sireadh mun treas sgoil Ghàidhlig ann an Glaschu

Tòisichidh co-chomhairleachadh air an ath mhìos mun treas sgoil Ghàidhlig ann an Glaschu.

Dh'aontaich comhairlichean Diardaoin gun tèid beachdan a shireadh air plana airson ionad ùr a stèidheachadh ann an seann Sgoil Gowanbank ann an iar dheas a' bhaile.

Tha uidhir de dh'iarratais ann an Glaschu airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig 's gu bheil an dà sgoil a th'ann mu thràth cha mhòr loma-làn.

Tha tuilleadh aig Iain MacDiarmaid.