Naidheachdan 11:00m

Air a' chiad là slàn den iomairt ron taghadh choitcheann, thuirt ceannard nan Làbarach, Jeremy Corbyn, nach bu chòir dha na Tòraidhean a bhith cho cinnteach gum faigh iad buaidh. Thuirt e cuideachd nach dèan na Làbaraich aonta sam bith leis an SNP, 's e ag ràdh nach e pàrtaidh adhartach a th' annta.

Chuir Comataidh Ceartais Holyrood an taic ri bile a leigeadh dhan a h-uile duine a dh'fhulaing droch dhìol nan òige feuchainn ri airgead-dìolaidh fhaighinn. Tha ceann-ùine ann an-dràsta, sin 1964. Tha dragh air cuid ge-tà, mu na chosgadh e do chomhairlean agus buidhnean carthannais nan deadh cur às dhan sin.

Tòisichidh co-chomhairleachadh air an treas sgoil Ghàidhlig airson Ghlaschu an ath-mhìos. Chuir comhairlichean an taic ri sin gu h-aona-ghuthach an-diugh. Tha a' Chomhairle a' moladh sgoil Gowanbank an iar-dheas a' bhaile a chur gu feum. Chan fhada gus am bi an dà sgoil a th' ann loma-làn.

Tha dùil gun nochd fireannach anns a' chùirt ann an Jedburgh co-cheangailte ri bàs boireannaich. Bhàsaich Eileen NicThòmais, 70, Dimàirt às dèidh tachartais aig Priorwood Court ann am Maolros air an 9mh là den mhìos seo. Tha am fireannach a nochdas anns a' chùirt 69. Bha e anns a' chùirt mu thràth air an 11mh là den Ghiblean.

Dh'fhaodadh Debenhams deich de na bùithdean aca a dhùnadh. Nì a' chompanaidh ath-sgrùdadh agus barrachd dhaoine a' ceannach rudan air-loidhne. Cuideachd, tha iad a' dol a dhùnadh deich stòran agus ionad sgaoilidh. Tha còrr air 2,000 cosnadh ann an cunnart.

Tha na Poilis an Glaschu a' coimhead airson luchd-fianais às dèidh mar a bhàsaich fireannach às dèidh tubaiste a-raoir. Bha am fireannach, 79, a' dol tarsainn Paisley Road West mu 9:20f a-raoir, agus tha dùil gun do thuit e agus gun do bhuail càr ann. Bhàsaich e anns an ospadal anns a' mhadainn an-diugh. Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic an tubaist fios a chur thuca.