Draoidheachd san Rubha ann an Leòdhas?

Tha ceist air cuid de mhuinntir an Rubha ann an Leòdhas a bheil draoidheachd air ceann a thogail san sgìre a-rithist.

Tha cearcall neònach de phluic agus clachan air nochdadh air a' mhòintich eadar Garrabost agus Pabail Uarach - dìreach cairteal a' mhìle bho seann chearcall Chnoc nan Dursainean.

Chan eil fhios aig duine co a thog e, neo carson.

Tha am fear-naidheachd againn, Aonghas Dòmhnullach, air a bhith a' rannsachadh.

Air fhoillseachadh