Togalach eachdraidheil ann an Inbhir Nis ga fhosgladh às ùr
Chaidh togalach eachdraidheil ann an Inbhir Nis, a bh' air a dhol a dhìth, fhosgladh às ùr an-diugh an dèidh dha a bhith air a dhèanamh an-àirde.
Thog Comann na Stuamachd Talla Maith na Marc-Innse ron Chiad Chogadh airson daoine a chuideachadh a' seachnadh na dibhe.
A-nis, tro phròiseact a chosg còrr air millean not, tha e na ghoireas ùr dhan choimhearsnachd.
Seo Dòmhnall Moireasdan.