Luchd-smàlaidh an sgìrean iomallach a dhìth

Tha duilgheadasan mòra ann fhathast a-thaobh a bhith a' fastadh dhaoine ann an coimhearsnachdan iomallach airson a bhith nan luchd-smàlaidh pàirt-ùine.

Tha e gu h-àraid doirbh daoine fhaighinn a bhios rim faotainn son dèiligeadh ri gairmean èiginn tron latha.

Ged a tha Seirbheis Smàlaidh na h-Alba a' feuchainn ri fuasgladh fhaighinn air an trioblaid, tha dragh ann nach eil mòran adhartais ga dhèanamh.

Air fhoillseachadh