Naidheachdan 11:00m

Feuchaidh ministearan an Riaghaltais ri cur às do cho-dhùnadh Thaigh nam Morairean an aghaidh a' bhile airson Brexit. Tillidh am bile a Thaigh nan Cumantan an ceann cola-deug an dèidh dha na Morairean bhòtadh a-raoir airson leasachadh ag iarraidh dìon air còirichean dhaoine a bhuineas do dhùthchannan eile anns an Aonadh-Eòrpach ach a tha a' fuireach ann am Breatainn.

Tha cuideam a dhreuchd fhàgail a' sìor fhàs air fear de dhlùth-chomhairlichean a' Chinn-Suidhe Trump, Jeff Sessions, an dèidh dha tighinn am follais gun do chùm e am falach coinneamhan a bh' aige le Tosgaire na Ruis nuair a bha iomairt taghaidh a' Chinn-Suidhe a' dol air adhart sna Stàitean Aonaichte. Mar àrd-fhear-lagha tha Mgr Sessions os cionn obair an FBI a tha an-dràsta fhèin a' rannsachadh chasaidean gun do ghabh an Ruis gnothach ris an taghadh.

Chuir àrd-stiùiriche Loganair, Ionatan Hinkles, dìon air a' chlàr-ama ùr eadar Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh. Tha muinntir Bharraigh a' gearain nach eil an clàr-ama ùr a thòisicheas air an ath-mhìos gu feum sam bith dhaibhsan ma tha iad ag iarraidh a Steòrnabhagh. Dh'innis Mgr Hinkles do Chomhairle nan Eilean Siar nach do chleachd seirbheis na maiden eadar Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh fad na bliadhna an-uiridh, ach 59 duine à Barraigh.

Nì Comhairle nan Eilean Siar sgrùdadh às ùr air a' chabhsair eadar Beinn nam Fadhla agus Uibhist a Deas fhosgladh nas fheàrr gu sruth na mara. Tha feadhainn gu làidir den bheachd gur e cho dùinte 's a tha an drochaid air an Fhadhail a Deas a bu choireach ris an tuil mhòir o chionn dusan bliadhna anns an do chaill còignear am beatha.

Tha dragh air feadhainn air taobh siar Rois gum bi bùthainnean beaga san sgìre a' dùnadh le buaidh nam bhanaichean a tha Tesco a' cur dhan taobh siar. Thuirt Tesco gu bheil an luchd-cleachdaidh ag innse dhaibhsan anns na coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean air a bheil na bhanaichean a' frithealadh gu bheil iad a' cur luach mhòir air an stuth 's an t-seirbheis a tha iad a' toirt dhaibh.

Thuirt Ùghdarras Modh an Ionmhais gu bheil gu deireadh an Lùnastail 2019 aig luchd-cleachdaidh airgead-dìolaidh iarraidh ma tha iad den bheachd gun deach àrachas PPI air nach robh feum aca a reic riutha. Tha na bancaichean air còrr is £24bn a phàigheadh a-mach mar thà ann an airgead-dìolaidh.