Naidheachdan 11:00m

Tha Comataidh an Fhoghlaim ann am Pàrlamaid na h-Alba a' gabhail fianais an diugh air taic do chloinn-sgoile aig a bheil feumalachdan sònraichte. Ged a tha an àireamh cloinne anns an t-suidheachadh sin air èirigh mu leth uidhir a-rithist air a' chòig bliadhna mu dheireadh tha an àireamh thidsearan mu choinneimh sin air tuiteam. Tha a' chomataidh a' gabhail fianais bho phàrantan, tidsearan agus ceannardan polasaidh.

Thèid càin nas motha bho an diugh air draibhearan a thèid a ghlacadh a' cleachdadh fòn-làimhe nuair a tha air cùl na cuibhle. Thèid an àireamh phuingean suas bho 3 gu 6 agus a' chàin airgid bho £100 gu £200 agus dh'fhaodadh draibhearan ùra an cead-draibhidh a chall.

Chaidh oifigear poileis a dhroch ghoirteachadh ann an tubaisd eadar dà charbad ann an Siorrachd Obair Dheathainn a-raoir. Bha an t-oifigear, a tha 46, a' draibheadh bhan poileis a bha ann an tubaisd le càr eile air an A90 faisg air Bàgh Chroch Dain mu mheadhan oidhche. Tha an duine a bha a' draibheadh a chàir e fhèin san ospadal ged nach deach a dhroch leòn .

Dh'iarr an Ceann-suidhe Trump air luchd-poileataigs bho gach taobh aimhreit eatorra a chuir an dàrna taobh agus Aimeireagaidh a thoirt còmhla. Thuirt Mgr Trump na chiad òraid mar cheann-suidhe dhan Chòmhdhail gu bheil e 'son 'spiorad' nan Stàitean Aonaichte' a dhùsgadh as ùr.

Tha muinntir Bharraigh a' gearain air clàr-ama ùr nan seirbhisean adhair eadar Beinn na Bhaoghla is Steòrnabhagh bhon ath mhìos. Ged a bhios seirbheis ann còig là san t-seachdainn tha na h-uairean siubhail a' ciallachadh nach tèid aig duine a tha a' fàgail Bharraigh air faighinn a Steòrnabhagh ro chòig uairean feasgar air an aon là.

Air fhoillseachadh