Iarrar tuilleadh mu atharrachaidhean slainte

Theid iarraidh air Rùnaire na Slàinte agus Seirbheis nan Carbadan Èiridinn tuilleadh fiosrachaidh a thoirt mu phlanaichean gus cruth-atharrachadh a thoirt air seribhisean slàinte an Eilein Sgiathanaich, Loch Aillse agus taobh an Iar Dheas Rois.

Dh'aontaich comataidh nan ath-chuingean poblach aig Pàrlamaid na h-Alba a' cheum a' ghabhail agus iad a' beachdachadh air ath-chuinge a tha togail ceistean mun doigh san deach nan atharraichidhean a tha NHS na Gàidhealtachd a' moladh, a' laimhseachadh.

Tha an aithris seo aig an fhear naidheachd phoileataiceach againn, Mìcheal MacNèill...

Tha sinn air beachd iarraidh bho Sheirbhis nan Carbadan Èiridinn mu na draghan a thog Rhoda Ghrannd san aithris aig Micheal - a thaobh carbadan eiridinn a bhi air falbh bhon Eilean Sgitheanach.

Air fhoillseachadh