Bliadhna shoirbheachail do "Care for a Ceilidh"

Tha bliadhna shoirbheachail eile air a bhi aig a' phroiseact Care for a Ceilidh.

Tha e ag amas air òrain agus ceòl Gàidhlig a thoirt gu dachaighean cùraim, ospadalan agus sgoiltean do chlann le feumalachdan a bharrachd.

Tha e gu ìre mhòr an eisimeal Domhnall Macleòid à Steòrnabhagh.

Bhathas an t-seachdain sa aig sgoil Abercorn ann an Glaschu, 's bha Calum Macamhlaigh ann dhuinne.