Muinntir Ghiogha a' cuimhneachadh tubaist mara

Tha muinntir Ghiogha air a bhith a' cuimhneachadh air tubaist mara san sgìre bho chionn 25 bliadhna.

Chaidh am bàta-bathair Ruiseanach Kartli air na creagan às dèidh dhi a bhith air a bualadh le suaile mhòr.

Chaidh 47 duine a shàbhaladh, ach chaill ceathrar am beatha.

Chaidh carragh-chuimhne a stèidheachadh san eilean Didòmhnaich.