Rabhadh gum fàg daoine Àird nam Murchan

Fàgaidh daoine sgire Àird nam Murchan ma thèid faraidhean aiseag a' Chorran suas 10% an ath bhliadhna, a-rèir comhairliche na sgìre.

Tha fiosrachaidh a fhuair Rèidio nan Gàidheal an t-seachdain sa chaidh a' cumail a-mach gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd airson na faraidhean a chur suas mar phàirt de ghearraidhean an ùghdarrais.

Ach tha a' choimhearsnachd ag radh gu bheil an t-àrdachadh a' peanasachadh aon sgìre