Airgead ga thogail airson fosgladh Sàbaid

Tha buidheann a tha a' strì gus Ionad Spòrs Leòdhais fhosgladh air an t-Sàbaid air an amas airgid aca airson na h-iomart a ruighinn.

Bha Families Into Sport and Health a' feuchainn ri £11,400 a thogail - an t-suim a thuirt Comhairle nan Eilean Siar anns an Dàmhair a bhiodh a dhìth airson nan cosgaisean a choileanadh.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail ge-tà gun robh an co-dhùnadh deamocrataigeach, agus gun deach beachdachadh air an luchd-obrach agus gnothaichean-ruithe a thuilleadh air a' chosgais. Seo Ruaraidh Rothach: