Dh'fhaodadh tuilleadh theaghlaichean à Siria a dhol dha na h-Eileanan Siar

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' coimhead ris an tuilleadh theaghlaichean à Siria a thoirt dha na h-Eileanan às dèidh na Bliadhna Ùire.

Tha dà theaghlach a thàinig à Siria mu-thràth a' fuireach ann an Leòdhas, agus tha coltas gu bheil a' dol gu math dhaibh bho thàinig iad dhan eilean nas tràithe am bliadhna.

Tha an aithris seo aig Murray MacLeòid.

Air fhoillseachadh