Dragh air Comhairle nan Eilean Siar mu bhith cur às de bhòrd HIE

Sgrìobhaidh Comhairle nan Eilean Siar gu ball na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba agus gu Rùnaire a' Ghnothachais a' togail dragh mu shuidheachadh HIE.

Tha Riaghaltas na h-Alba am beachd cuir às dè bhòrd HIE agus a chuir fo smachd aon bhòrd ùr a bhios a dèiligeadh ri buidhnean leasachaidh na h-Alba air fad.

Tha dragh ann gum fulaing na h-Eileanan ri linn.

Tha an aithris seo aig Ruaraidh Rothach.