Cothrom do chumhachd ath-nuthachail ga chall

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheilear air cothrom fa-leth do chumhachd ath-nuthachail a chall ri linn na dòigh anns a bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' làimhseachadh shubsadaidhean.

Nochd seo ann an deasbad air a' chuspair ann an Holyrood Dimàirt às dèidh do riaghaltas Westminster dearbhadh bho chionn mìos gu bheil co-luadar as ùire ga dhèanamh air an dòigh sa bu chòir a bhith làimhseachadh shubsadaidhean agus taic do phròiseactan ath-nuadhachail ann an eileanan na h-Alba.

Air fhoillseachadh