Naidheachdan 11:00m

Thàinig dearbhadh an-diugh, le leudachadh air cùmhnant na companaidh Qinetiq, gum fuirich raon deuchainn an MOD ann an Uibhist fosgailte gu 2028 air a' char as tràithe. Tha an cùmhnant anns a bheil luach £1bn uile-gu-lèir, bhon Riaghaltas, a' ciallachadh gun tèid £95m a chosg air leasachadh, eadar raon rocaid Uibhist agus Aberporth anns a' Chuimrigh, a tha Qinetiq a' ruith do Mhinistreachd an Dìon. Bidh leasachadh ann cuideachd air na goireasan aig ionad an MOD aig Boscombe Down ann an Wiltshire.

Thuirt ceannard nan Libearalach Deamocratach, Tim Farron, gu bheil iad air an t-slighe air ais an dèidh fo-thaghadh Richmond Park ann an Lunnainn, far an do rinn iad a' chùis air an t-seann bhall Tòraidh, Zac Goldsmith, aig an robh mòr-chuid de 23,000 aig an taghadh mu dheireadh. Dh'fhàg Mgr Goldsmith na Tòraidhean airson iomairt an aghaidh an treas raon-laighe aig Heathrow agus sheas e mar neo-eisimeileach. Bhòt e airson falbh às an Aonadh Eòrpach anns an referendum, agus 's ann air cuspair Brexit a bha iomairt an tagraiche Lib Deamaich, Sarah Olney, stèidhichte.

Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Boris Johnson, gur e iomairt airson malairt shaoir air feadh an t-saoghail an rud as motha a tha ro Bhreatainn an dèidh falbh às an Aonadh Eòrpach. Agus thuirt Mgr Johnson, na chiad òraid mhòir air poileasaidh chèin, gun tig buannachdan mòra às in-imreachd ach gu bheil e cudromach smachd a chumail air na h-àireamhan.

Thug rannsachadh a rinn am BBC laigsean am follais anns an dòigh anns a bheil Poilis na h-Alba a' dèiligeadh ri gairm èiginn. Chaidh còrr 's 80 cùis a chlàradh ann an ionadan-fòn nam Poileas bhon Ghiblean am-bliadhna far an do theab mearachd a bhith ann. Thuirt na Poilis nach eil an sin ach aon chùis anns a h-uile 22,500 gairm èiginn a tha iad a' faighinn.

Bidh àrdachadh de 2.3% sa chumantas air faradh rèile bhon ath-mhìos. Dh'innis an Riaghaltas ron seo gun tèid 1.9% air faradh rèile sa chumantas air a bheil smachd aca, agus tiogaidean seusain am measg sin.

Thuirt Siamarlan Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair, gum biodh e cunnartach dha na h-Eileanan an Iar cùl a chur ris an iomairt airson càball dealain ùir tarsainn a' Chuain Sgìth. Dh'aidich e gur e buille a th' ann gu bheil Riaghaltas Westminster ag ràdh nach toir iad taic do chàball ùr gun dearbhadh gu bheil sin a dhìth, ach thuirt e nach eil roghainn aig na h-eileanan ach leantainn na strì airson càball ùir.

Air fhoillseachadh