Dragh gu bheil cathain a' milleadh an fheòir ann an Uibhist a Tuath
Chaidh iarraidh air Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, a dhol a dh'Uibhist a Tuath a dh'fhaicinn an trioblaid a th' ann le cathain a' geamhrachadh an sin.
Chaidh còrr 's ceithir mìle gu leth dhuibh a chunntadh air a' mhìos a chaidh.
Tha iad air an dìon fo laghan Eòrpach, ach an dèidh na bhòt airson Brexit, tha beachd ann gu bheil cothrom ann sin atharrachadh.
Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.
- Air fhoillseachadh
- 23 An t-Samhain 2016
- Earrann
- Naidheachdan