Naidheachdan 11:00m

Dh'innis am Prìomhaire Theresa May do cho-labhairt an CBI gum feum gnothachasan atharrachadh ma tha earbsa gu bhith aig daoine ann an saor-mhalairt. Thuirt i gun robh i a' cur taic ri margaidhean saora, ach gum feumadh gnìomhachasan an riaghaltas a chuideachadh le bhith a' toirt nan iarrtasan a bh' air cùl na bhòt airson Brexit gu buil. Dh'aidich a' Bhana-mhaighstir May gun robh i a' tuigsinn gun robh eagal air companaidhean gun deigheadh an eaconamaidh far bhearradh nuair a dh'fhàgas an Rìoghachd Aonaichte an EU.

Chaidh boireannach aosta fhaighinn marbh taobh a-muigh a dachaigh ann an Glaschu. Chaidh a corp a lorg madainn an-dè, 's tha amharas ann gun do chaochail i leis an fhuachd. Tha seo a' tighinn às dèidh mar a chaidh càraid aosta fhaighinn marbh taobh a-muigh an dachaigh ann an Leòdhas Dihaoine.

Tha còrr 's 400 de luchd-obrach roinn na h-ola 's a' ghas ag ràdh, às aonais taic an riaghaltais, gu bheil teagamhan mòra mu choinneimh a' ghnìomhachais anns a' Chuan a Tuath. Bha faisg air an ceathramh chuid de na ghabh pàirt anns an rannsachadh a rinn an t-aonadh Unite cuideachd den bheachd nach eil an gnìomhachas gu bhith maireann anns an àm ri teachd. Tha aonadh eile, an GMB, cuideachd a' dèanamh dheth gun cosg e còrr 's £75bn de dh'airgead poblach airson clàran-ola agus gas a' Chuain a Tuath a thoirt a-mach à seirbheis.

Chaidh moladh gum bu chòir luchd-faire pàirt-ùine fhastadh airson sùil a chumail air mar a tha madaidhean-ruadha gan sealg ann an Alba. Tha am moladh a' nochdadh bho ath-sgrùdadh a rinn am Morair Bonomy, agus a chaidh a chur air chois mar thoradh air gluasadan ann an Westminster airson laghan seilge a lagachadh ann an Sasainn. Thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd, Roseanna Choineagan, gun toir an riaghaltas beachd air co-dhùnaidhean an ath-sgrùdaidh an ath-bhliadhna.

Chaidh planaichean a chur a-steach gu h-oifigeil airson ionad ceartais ùr a thogail air a' Ghàidhealtachd. Cho-dhùin Seirbheis Chùirtean agus Tribiùnalan na h-Alba gun lean iad orra leis a' phlana gus goireas ùr a stèidheachadh aig raon-gnìomhachais an Longman ann an Inbhir Nis às dèidh dhaibh co-chomhairleachadh poblach a chumail air a' chuspair. Ma bheir Comhairle na Gàidhealtachd cead dhan phlana, tha dòchas ann gun gabh Caisteal Inbhir Nis a leasachadh mar ghoireas turasachd.

Agus chaidh fhoillseachadh gun cluich aon de na còmhlain as motha ann an eachdraidh ceòl pop aig fèis chiùil ann an Alba an ath-bhliadhna. Cluichidh na Beach Boys air an oidhche mu dheireadh de dh'Fhèis Chiùil Mhontròis anns a' Chèitean, 's iad a' comharrachadh deich bliadhna bhon a chaidh an fhèis a chur air chois.