Naidheachdan 11:00m

Bheir an Leas-Phrìomh Mhinistear, Iain Swinney, fiosrachadh do Phàrlamaid na h-Alba an-diugh air an ìre aig a bheil an rannsachadh mu dhroch dhìol agus drabastachd an aghaidh cloinne ann an Alba. Tha an rannsachadh ag amas air clann a dh'fhulaing nuair a bha iad ann an cùram ach tha maill air a bhith ann, agus connspaid. Tha cuideam air Mgr Swinney tuilleadh farsaingeachd a thoirt dhan rannsachadh agus luchd-iomairt ag iarraidh air a leudachadh gu clubaichean, buidhnean òigridh agus paraistean eaglaise.

Bùthainnean

Tha am fiosrachadh as ùire ag ràdh gun do dh'èirich na chaidh a reic anns na bùthainnean air a' mhìos seo chaidh aig an ìre as àirde ann an 14 bliadhna. Thuirt Oifis na Staitistig Nàiseanta gun do chuidich aimsir fhuar bùthainnean a tha a' reic aodaich, agus gum faca bùthainnean eile buannachd bho na chaidh a reic de stuth airson Oidhche Shamhna.

Thàinig rabhadh bho thè a tha iomadh bliadhna an sàs ann am foghlam Gàidhlig agus leasachadh coimhearsnachd nach bi anns a' Ghàidhlig ach cànan sgoilearachd mura dèan na buidhnean leasachaidh mòran a bharrachd anns na sgìrean anns a bheil daoine fhathast ga bruidhinn. Bha Anna NicSuain à Nis, an Leòdhas, a' bruidhinn an dèidh dhi a' phrìomh dhuais a thogail a-raoir aig Duaisean Mòra na Gàidhlig ann an Glaschu airson a cuid obrach ann am foghlam agus leasachadh coimhearsnachd.

Tha bliadhna ann an-diugh, dhan là, bho laigh a' chiad phlèana ann an Glaschu le fògarraich à Siria. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun tàinig 1,200 dhiubh on uair sin. Sin an treas cuid de na thàinig dhan Rìoghachd Aonaichte gu lèir gu ruige seo.

Chaidh innse do chompanaidhean a' bhann-leathainn a bhith nas soilleire nuair a tha iad a' toirt seachad gealltanas mun astar aig am bi an t-eadar-lìon ag obair. Thuirt Ùghdarras Inbhe na Sanasachd nach eil an seòrsa sanasachd agus fiosrachadh a tha companaidhean a' toirt seachad idir soilleir agus gu bheil e doirbh do luchd-cleachdaidh a thuigsinn.

Tha muinntir Aoineart anns an Eilean Sgitheanach mì-thoilichte le plana na companaidh fòn-làimhe EE airson crann a thogail anns a' bhaile. Chan eil iad riaraichte leis an làraich a thagh EE agus iad ag ràdh gum bi an crann ro fhaisg air an rathad mhòr agus air taighean, gum mill e coltas an àite, agus gum biodh siognal nas fheàrr ann nan cuireadh iad air cnoc e.