BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Sàmhchair

Tha daoine air feadh na Rìoghachd air a bhith a' cumail dà mhionaid de shàmhchair mar chuimhneachan air na th' air am beatha a chall ann an cogaidhean. Chaidh rannsachadh ùr fhoillseachadh air an àireimh de dh'Albannaich a chaill am beatha anns a' Chiad Chogadh. Chaill còrr air 100,000 saighdear à Alba am beatha anns a' chogadh sin a-mhàin, sin 15% dhe na chaill Arm Bhreatainn air fad aig an àm.

Thuirt na Dùthchannan Aonaichte gu bheil reubaltaich na buidhne IS ann am baile Mosul air 40 sìobhaltach a mharbhadh 's iad a' fàgail orra gun do thrèig iad an dùthaich aca 's gun robh iad ag obair còmhla ri feachdan na dùthcha fhèin. Chaidh na cuirp a thaisbeanadh gu poblach. Tha feachdan Ioracach agus Curdach a' leantainn leis a' bhatal gus smachd fhaighinn air a' bhaile bhon Stàit Ioslamaich.

Tha teaghlach tè a Inbhir Nis 's a mac ag ràdh gu bheil an cridhe briste nach eil fhios aca fhathast dè thachair dhan dithis, 40 bliadhna an dèidh dhaibh a dhol às an t-sealladh. Chan fhacas Renee NicRath no a mac Anndra, a bha trì bliadhna de dh'aois, bhon t-Samhain 1976. Chaidh an càr aice a lorg na theine faisg air an A9 deas air Inbhir Nis aig an àm. Thuirt Poilis na h-Alba gu bheil an rannsachadh aca a' leantainn.

Tha poilis ann an Inbhir Nis a' feuchainn ri lorg fhaighinn air fear aois 18 bliadhna nach do thill dhachaigh an dèidh dha a bhith a-muigh ann an taigh-seinnse oidhche Chiadain. Thathar a' creidsinn gun robh Adam Mitchell ann an taigh-seinnse air Baron Taylor Street anns a' bhaile. Thuirt Poilis Alba gu bheil dealbhan CCTV ga shealltainn faisg air garaids Harry Fairburn BMW air Rathad Longman dìreach ro 01:00m Diardaoin. Thuirt a theaghlach 's a charaidean gun robh e gu math a-mach às an àbhaist dha gun a dhol dhachaigh. Tha Mgr Mitchell 5'11" de dh'àirde, tapaidh le falt fada donn agus feusag.

Tha na Poilis ann an grunn bhailtean mòra anns na Stàitean Aonaichte air a bhith an sàs ann an aimhreit le feadhainn a tha a' togail fianais an aghaidh mar a chaidh Dòmhnall Trump a thaghadh mar cheann-suidhe. Tha Mgr Trump a' leantainn le bhith a' taghadh an riaghaltais aigesan. Thathar a' tuigsinn gun do dh'fhòn an t-Iar-Cheann-Suidhe thaghte, Mike Pence, gu Rùnaire Cèin Bhreatainn, Boris Johnson, a-raoir.

Tha teine gu math mòr air milleadh a dhèanamh air ionad anns an Òban a tha a' frithealadh charbadan Chomhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid. Chaidh 30 smàladair agus ochd carbadan-smàlaidh a ghairm chun an teine air Rathad Soroba anns a' bhaile mu 01:30m. Thuirt fear-labhairt na Comhairle nach eil aithrisean sam bith ann gun deach duine a ghoirteachadh.