Naidheachdan 11:00m

Dh'fhaodadh stèiseanan poilis air feadh Alba dùnadh mar thoradh air ath-sgrùdadh a tha Poilis na h-Alba a' dèanamh air na togalaichean aca. Tha cuid air a bhith a' gearain nach d' fhuair coimhearsnachdan a-mach mun seo chun an-diugh.

Tha an Riaghaltas ag ràdh gum faodadh iad bhòt sam bith air Artaigil 50 a thoirt air adhart gus nach bi aca ri Bile a dhèanamh. Dh'fhaodadh Bile dàil mhòr a chur air planaichean a' Phrìomhaire airson an EU fhàgail. Chaidh a ràdh, an àite Bile, gum faodadh bhòt air Rùn a bhith ann, agus gun gabhadh sin a dhèanamh ann an aon là.

Tha obair giollachd ola air tòiseachadh aig raon sa Chuan a Tuath a chaidh a lorg bho chionn còrr air 40 bliadhna. Thuirt Chevron gu bheil Pròiseact Alder air na ceudan obraichean a chruthachadh am Breatainn mar thà, nam measg feadhainn an Obar Dheathain agus an Inbhir Ghòrdain.

Tha Dòmhnall Trump a' cumail a-mach gu bheil na h-ùghdarrasan a' taobhadh ri Hillary Clinton, às dèidh dhan FBI innse nach d' fhuair iad càil eucoireach anns na puist-dealain ùra a bha iad a' rannsachadh. Tha Mgr Trump ag ràdh nach robh dòigh ann a b' urrainn dhan FBI 650,000 post-d a sgrùdadh ann an ochd là. Thuirt na Deamocrataich gu bheil a' chùis air cron a dhèanamh air Hillary Clinton mar thà, agus gur dòcha gu bheil fios bhon FBI ro fhadalach airson feum a dhèanamh dhi.

Cumaidh am Prìomhaire, Theresa May, còmhraidhean le Prìomhaire nan Ìnnseachan an-diugh. Bruidhnidh iad mu in-imrich, malairt is eile. Agus tha dòchas ann gum bruidhinn am Prìomhaire mu fhear à Earra-Ghàidheal a tha sa phrìosan ann an Chennai nuair a bhios iad a' coinneachadh. Tha teaghlach Bhilly Irving an dòchas gun dean i na 's urrainn dhi gus e fhèin agus còignear Bhreatannach eile fhaighinn dhachaigh.

Chuir Urras Oighreachd Ghabhsainn ann an Leòdhas plana ùr 20 bliadhna air adhart dhan sgìre. Tha iad ag amas air na milleannan notaichean à cumhachd ath-nuadhachail a chur gu feum sa choimhearsnachd. Dh'fhoillsich iad gun tèid na grantaichean a gheibh daoine an-àirde. Faodaidh iarrtasan a-nis a bhith suas ri £5,000.

Tha riaghailtean ùra co-cheangailte ri sochairean gan cur an sàs an-diugh. Chan fhaigh gin de theaghlach barrachd air £20,000 a-nis. Thog dùbhlannaich agus buidhnean eaglaise draghan mun seo, ach tha an Riaghaltas ag ràdh gum brosnaich crìoch ùr nan sochairean daoine a dhol a dh'obair.

Air fhoillseachadh