Goireasan aig an Stòr

Gheibh daoine an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich cothrom Disathairne sùil a thoirt air planaichean gus goireasan a leasachadh aig làrach an Stòir. Tha Urras an Taobh Sear an dùil tuilleadh ghoireasan leithid parcadh agus taighean-beaga a thogail aig an làraich. Tha an Stòr air a mheas mar fhear dhe na seallaidhean turasachd as trainge san eilean. Seo Calum MacIlleathain.