Cùram cloinne Sgìre na Pàirce ga leudachadh

Tha dragh air nochdadh anns na làithean mu dheireadh mu chrìonadh an t-sluaigh sna h-Eileanan Siar agus dùil ri lùghdachadh de mu 4000 thairis air an ath 20 bliadhna.

Ach tha dòchas ann an aon àite, Sgìre na Pàirce ann an Leòdhas, gum faigh iad air daoine a chumail agus a tharraing ann le bith a' leudachadh cùram do chloinn fo aois sgoile.

Air fhoillseachadh