Seann ghàrradh Àrd nan Saor air a reic
Tha e air tighinn am follais gun deach làrach seann ghàrradh Àrd nan Saor air Linne Mhoireibh a reic.
Tha dòchas às ùr ann a-nis gun tèid a leasachadh.
Bha an gàrradh aig aon àm a' cumail cosnadh ris na mìltean, ach dhùin e ann an dà mhìle sa h-aon.
Ach chan eil fhios aig an ìre-sa cò tha air a cheannach neo dè tha iad am beachd a dheanamh ann.