Cluicheadairean iomain agus pìobaireachd a' chiad chogaidh gan cuimhneachadh

Chaidh am pàirt a bh' aig cluicheadairean iomain agus pìobaireachd anns a' chiad chogadh a chomharrachadh aig tachartas ann an Sruighlea air an deireadh sheachdain.

Bhathar a' toirt iomradh gu sonraichte air Maidsear na Pìoba Uilleam Labhraidh à Baile Chaolais a sgrìobh am fonn ainmeil Battle of the Somme.

Chaidh Andreas Wolff dhan tachartas...