Pàrantan draghail gu bheil clann gan teagasg ann am portakabin

Tha pàrantan anns an Ath Leathainn ag iarraidh dearbhadh bho Chomhairle na Gàidhealtachd cùin a thèid clann - a tha gan teagasg ann an portakabin - a ghluasad gu prìomh thogalach na sgoile.

Fhuair pàrantan litir bhon Chomhairle ag innse dhaibh gun tèid an gluasad gu taobh a-staigh na sgoile.

Ach tha dragh ann gu bheil droch stait a' phortakabin a' toirt buaidh air slàinte na cloinne.

Tha Calum MacIlleathain ag aithris