An MoD am beachd atharrachadh mòr a thoirt air an làraich aca ann an Hiort

Tha dùil gum bi obair togail a' tòiseachadh ann an Hiort ann an ùine gun a bhith fada agus cead-dealbhachaidh ga iarraidh airson leasachadh a thoirt air togalaichean an airm.

Chaidh an cuir suas air an eilean bho chionn còrr is leth-cheud bliadhna.

Bidh na togalaichean ùr nas fhaide air falbh bho na togalaichean eachdraidheil air an eilean.

Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.