Coinneamh mu Ghearasdan Deòrsa

Choinnich riochdairean poileataigeach Gàidhealach ri Ministear an Dìon, Marc Lancaster, airson bruidhinn mu shuidheachadh Ghearasdain Dheòrsa faisg air Inbhir Nis.

Tha an gearasdan sin a-measg na th' ann an cunnart dùnadh fo ath-sgrùdadh an MoD air na làraich aca.

Tha dùil ri co-dhùnadh an ath-sgrùdaidh sin ro dheireadh na mìos.

Tha an aithris seo aig an fhear-naidheachd phoileataigeach againn, Mìcheal MacNèill...