Naidheachdan 11:00m

Thòisich iomairt le feachdan an Riaghaltais ann an Iorac, a' feuchainn ri smachd fhaighinn air baile Mosul an ceann a tuath na dùthcha. Tha am baile air a bhith ann an làmhan na Stàit Ioslamaich airson dà bhliadhna a-nis. Tha còrr air 30,000 saighdear an lùib na h-ionnsaigh, agus tha e coltach gu bheil na feachdan mar-thà air làmh-an-uachdair fhaighinn ann an cuid de bhailtean beaga timcheall air a' chathair-bhaile.

Thèid oidhirp eile a dhèanamh tron là an-diugh gus impidh a chur air an Ruis stad a chur air na h-ionnsaighean adhair air baile Aleppo ann an Siria. Bidh ministearan cèin an Aonaidh Eòrpaich a' deasbad na cùise aig coinneimh ann an Luxembourg nas fhaide den là. Tha na h-ionnsaighean leis an Ruis agus feachdan Shiria a' leantainn ged a tha na Stàitean Aonaichte agus an EU a' bagairt an tuilleadh smachd-bhannan a chur orra.

Tha ceist ann mu na tha an dàn dhan bhuidhinn do luchd-ionnsachaidh, CLI Gàidhlig. Chaidh innse gun tèid faighneachd de bhallrachd na buidhne a bheil iad ag iarraidh a' bhuidheann a chur à bith. Chaidh stad a chur air maoineachadh na buidhne bho Bhòrd na Ghàidhlig nas tràithe air a' bhliadhna. Thuirt Alison Lang, a tha air a' bhòrd-stiùiridh, gur e briseadh-dùil uabhasach a th' ann dhaibh.

Chuir fear a bha na Àrd-Easbaig Chanterbury, Am Morair Williams, impidh air na h-ùghdarrasan barrachd a dhèanamh gus fògarraich òga a tha a' siubhal leotha fhèin a thoirt a Bhreatainn às an Fhraing, mus tèid sgrios a dhèanamh air campa fhògarrach Chalais. Tha an Fhraing airson 's gun tèid cur às dhan champa ro dheireadh na bliadhna sa. Tha dùil gun tig còrr air ceud fògarrach òg a Bhreatainn an t-seachdain sa, fo riaghailtean ùra eadar na dùthchannan.

Tha coinneamh a' dol ann an Ìle madainn an-diugh airson deasbad a dhèanamh air seirbheisean-aiseig an eilein. Tha Comataidh Aiseig Chomhairle Coimhearsnachd Ìle agus Ball Earra-Ghàidheal ann am Pàrlamaid na h-Alba, Mìcheal Russell, a' bruidhinn ri riochdairean ChalMac mu mhì-thoileachas leis na h-aiseagan. Tha luchd-gnothaich ann an Ìle am measg na tha air a bhith a' gearan gun do dh'fhuiling iad call thairis air mìosan an t-samhraidh nuair a chaidh am bàta as àbhaist a bhith aca, am Finlaggan, a thoirt air falbh airson a cur air seirbeisean eile.

Tha còrr air ceithir às gach deich neach ann am Breatainn a' fuireach ann an taighean nach eil air an comharrachadh mar math gu leòr, sin a rèir na buidhne cathrannais Shelter. Seo a' chiad sgrùdadh mòr a rinn iad air taighean na dùthcha bho chaidh an stèidheachadh leth-cheud bliadhna air ais. Fhuair an aithisg gu bheil faisg air an còigeamh cuid de dhaoine a' fuireach ann an taighean far a bheil trioblaidean ann le biastagan agus eile.