Tha an Transocean Winner cha mhòr deiseil son falbh

Tha dùil gum fàg am bàta a tha giulain a' chlàr-ola Transocean Winner an Loch a Tuath ann a Leòdhas ro thìde-diathad Diciadain.

Tha an obair deasachaidh a' dol air adhart nas luaithe na bha dùil le cho math sa tha an aimsir air a bhith.

Ach nuair a bha luchd-saoraidh a' glanadh grunnd na mara far an robh an clàr air acair, fhuair iad rud a chuir iongnadh orra; mèinn fhuadain.

Seo Aonghas Dòmhnullach.