Sgoilearan Stafain ag ullachadh 'son a' Mhòid

Le Mòd Nàiseanta na bliadhna a' teannadh dlùth 's iomadh paisde agus inbheach a tha a' faighinn deiseil airson nam farpaisean.

Nam measg tha buidheann de dh'ochd sgoilearan deug à Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich - Clann Thròdairnis.

Tha a' buidheann a' gabhail a-steach clann bho cheithir sgoiltean san sgìre, agus iad tric rin cluinntinn aig cèilidhean san eilean.

Chaidh Calum MacIlleathain a choinneachadh riutha.

Air fhoillseachadh