CNES gus beachdachadh air ISL fhosgladh air an t-Sàbaid

Tha ceist fosgladh Sàbaid Ionad Spòrs Leòdhais a' tighinn air beulaibh Chomhairle nan Eilean Siar Diciadain.

Tha a' bhuidhean Families Into Sport and Health ag iarraidh an t-ionad fhosgladh co-dhiù trì uairean a thìde air an t-Sabaid, mar sgeama pìleat fad bliadhna.

Beachdachaidh Comataidh Polasaidh agus Stòras na Comhairle air a' chùis.

Seo Ruaraidh Rothach.