Coinneamh mun Transocean Winner

Tha dùil gun tèid soitheach a Leòdhas an ath-sheachdainn airson an clàr-ola Transocean Winner a thoirt air falbh às an Loch a Tuath.

Tha an clàr fhein ann an stait cugallach, ach sàbhailte far a bheil i, agus feumaidh iad sìde mhath airson a faighinn air bòrd an t-soithich.

Ach chaidh innse do choinneamh phoblach ann an Steòrnabhagh a-raoir nach b'urrainn a ràdh le cinnt cuin a dh'fhalbhadh i.

Seo Ruaraidh Rothach.

Air fhoillseachadh