Ro-innleachd turasachd san Eilean Sgitheanach?
Tha gnìomhachasan turasachd san Eilean Sgitheanach 's Loch Aillse ag iarraidh ro-innleachd ùr ionadail 'son dèiligeadh ri trioblaidean a tha a' tighinn an cois àireimh mhòir de luchd-turais.
Tha na h-àireamhan, gu h-àraidh as t-samhradh, a' fàgail trioblaidean air na rathaidean agus ann an àiteachan far nach eil goireasan freagarrach.
Tha gnìomhachasan air a dhol còmhla fon bhratach "Destination Skye and Lochalsh" gus fuasglaidhean a lorg.
Tha tuilleadh aig Calum Mac Illeathain.
- Air fhoillseachadh
- 29 An Lùnastal 2016
- Earrann
- Naidheachdan