Dàil eile air dùnadh nan ionadan-stiùiridh

Chaidh failte a chur air an naidheachd gum bi dail ann am planaichean Phoilis na h-Alba gus na seòmraichean-stiùiridh aca ann an Inbhir Nis agus Obar Dheathainn a dhùnadh.

Bha dùil gum biodh iad air an gluasad a Dhùn Dè aig deireadh na bliadhna, ach 's ann a-nis sa Mhàirt an ath-bhliadhna a thathar an dùil gun dùin ionad Obar Dheathainn, le ionad Inbhir Nis a' dùnadh trì mìosan an dèidh sin.

Air fhoillseachadh