Sgeama spadaidh nan coineanach

Chaidh cur às do mu 1000 rabaid ann an ceann a tuath Leòdhais mar phàirt de sgeama spadaidh.

Àireamh mhòr, shaoilear, ach tha rabhadh ann gu bheil obair mhòr ri dhèanamh fhathast.

Thathas a' tomhas gu bheil suas ri 10,000 rabaid ann fhathast eadar Nis agus Barabhas.