Sgitheanaich dòchasach

Tha iad ann am beagan de staing faisg air a' bhonn, ach tha Camanachd an Eilein Sgitheanaich fhathast dòchasach gun urrainn dhaibh fuireach ann am Prìomh Lìog na h-iomain am-bliadhna.

Chan eil na Sgitheanaich ach air trì geamaichean a-mach à naoi a chall bho thill iad dhan lìog as àirde, ach bha iad co-ionnan anns na sia geamaichean eile.

Bhruidhinn Calum MacAmhlaidh ri Aonghas MacDhòmhnaill a tha na phàirt den sgioba choidsidh.