Tubaist Earra-Ghàidheal - a' chlann air an ainmeachadh

Dh'ainmich na Poilis an dithis chloinne a bhàsaich nuair a chaidh an càr san robh iad a-steach gu loch ann an Earra-Ghàidheal an-dè. Thugadh cuirp Leia agus Seth McCorrisken, a bha trì agus dà bhliadhna a dh'aois, a-mach às an loch, faisg air Cille Mheallaird, an-raoir. Seo Andreas Wolff: