Naidheachdan 11:00m

Thuirt maoir-chladaich na Grèige gun deach còrr is 300 duine a thoirt beò às a' mhuir far an deach car de bhàta air an robh ceudan de luchd-imrich faisg air Eilean Crete. Thug iad trì chuirp às an uisge aig an ìre seo, agus tha obair theasairginn mhòr a' dol air adhart le heileacoptairean agus bàtaichean.

Dh'aidich Daibhidh Camshron gu bheil in-imreachd à dùthchannan Eòrpach eile na trioblaid do Bhreatainn. Ach thuirt e gun toireadh muinntir Bhreatainn droch bhuile eaconamach orra fhèin le bhòt airson an AE fhàgail. Thuirt am Prìomhaire gur e amaideas a bhiodh ann an AE fhàgail airson cumail ri gealltanas Tòraidheach àireamh na h-in-imreachd a ghearradh gu nas lugha na 100,000. Ach thuirt Rùnaire Èireann a Tuath, Theresa Villiers, a tha airson an AE fhàgail, gum feum Breatainn smachd a ghabhail a-rithist air a crìochan fhèin.

Tha rathad an M8 fosgailte gach taobh a-rithist an dèidh tubaiste le làraidh anns a' mhadainn an-diugh aig Ceann-Rathaid 8 aig Bailieston, ach tha maill mhòr fhathast air an trafaig anns an sgìre. Fhuair dràibhear na làraidh às gun droch leòn.

Bidh dithis mhinistearan ann an Riaghaltas na h-Alba a' coinneachadh ri riochdairean na h-ola a dheasbad taic fhad 's a tha crìonadh anns a' ghnìomhachas. Bidh Keith Brown agus Paul Wheelhouse a tha os cionn na h-eaconamaidh agus cumhachd a' cumail nan còmhraidhean ann an Obar Dheathain.

Sgrìobh comhairliche ann am Muile gu Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, a' gearain gun tèid am bàt-aiseig an Coir' Uisg' a thoirt air falbh bho shlighe Mhuile agus i a' tilleadh dhan t-seirbheis eadar Malaig is Armadal. Bha connspaid ann nuair a chiadh a toirt far sheirbheis an Eilein Sgitheanaich. Ach tha an Comh. Màiri Jean Devon ag ràdh gur e Muile as fheumaiche oirre leis gu bheil drochaid ann dhan Eilean Sgitheanach.

Tha luchd-obrach sòisealta, àrd-oifigearan poilis agus ministearan an Riaghaltais a' coinneachadh ann am Peairt an-diugh a dheasbad dìon cloinne. 'S fhada bho chaidh a' choinneamh seo a chur air dòigh, ged a tha mòran a bharrachd aire air a' chùis a-niste le murt a' ghille bhig Liam Fee.

Air fhoillseachadh