Togalach ùr dha eaglais air taobh sear Rois

'S iomadh togalach eaglais a chaidh a reic 's a chur gu feum ùr air a' Ghàidhealtachd a-nuas tro na bliadhnaichean.

Tha gnothaichean a' dol an rathad eile ann am Baile Dhubhthaich ge-ta.

Tha an Eaglais Shaor ann an sin air seann togalach slàinte a cheannach agus an coithional ann a' sior dhol am meud.

Feumaidh iad fhathast an togalach a sgeadachadh.

Seo Iain Macaonghais.