Manifesto Solidarty

Tha am pàrtaidh sòisealach Solidarity air am manifesto aca fhoillseachadh, 's iad ag iarraidh referendum eile air neo-eisimeileachd san ath Phàrlamaid.

Thuirt an ceannard aca Tommy Sheridan gu feumar an Rìoghachd Aonaichte fhàgail ma tha cruadal is geàrraidhean gu bhith air an seachnadh.

Tha am fear-naidheachd poilitigeach againn Darren Linc air a bhith leantainn na bha aig Solidarity ri ràdh.