Skye Live gus tòiseachadh

Tòisichidh fèis-chiùil Skye Live air an deireadh sheachdain seo ann am Port Rìgh.

Bidh dà àrd-ùrlar ann, a' taisbeanadh an dà chuid ceòl traidiseanta agus ceòl dannsa.

Am measg nan còmhlan a bhios a' nochdadh bidh Skippinish, Public Service Broadcasting agus Capercaillie.

Tha Calum MacIllEathain ag aithris.