STUC a' cur impidh air na pàrtaidhean

Chuirear ìmpidh air ceannardan poileataigeach na h-Alba barrachd spionnaidh a chuir ann an iomairt an taghaidh.

Thuirt Àrd-rùnaire Còmhdhail nan Aonaidhean Ciùird ann an Alba, Grahame Mac a' Ghobhainn nach robh na poileasaidhean a bha iad a'cur air adhart dàna gu leòr.

Thug Ceannard Albannach nan Làbarach, Kezia Dugdale, òraid seachad dhan chomhdhail Diluain.

Bidh Ceannard an SNP, Nicola Sturgeon, ann tron t-seachdain.

Air fhoillseachadh