Renewables 2020 a' sireadh taic

Tha Renewables 2020, aig a bheil plana airson tuath-gaoithe ann an Tolastadh, a' coimhead airson bhuidhnean a tha deònach airgead a chur ri na pròiseactan aca.

Ged a fhuair sgeama an Droma Leathainn ann an Tolastadh cead ann an 2013, cha do thòisich an obair fhathast agus tha dùil gum bi 2020 ann mus tèid dealain a chruthachadh air an làraich.

Tha iad a-nis a' sireadh compàirteachas-ionmhais.

Air fhoillseachadh