Naidheachdan 11:00m

Tha Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, John Kerry, anns a' Bhruiseil an-diugh air turas oifigeil an dèidh na ceannairc anns an deach còrr is 30 duine a mharbhadh. Tha aithrisean ann gun robh dithis Aimeireaganach am measg na chaill am beatha. Chuir poilis anns a' Bhruiseil sianar an grèim an-raoir co-cheangailte ris na h-ionnsaighean anns a' bhaile Dimàirt.

Chuir poilis anns an Fhraing duine an grèim ann am Paris fo amharas gun robh e ag ullachadh ionnsaigh cheannairc. Thuirt na h-ùghdarrasan san Fhraing gun do chuir iad stad air plana a bha aig ìre adhartaich, ach nach eil dearbhadh sam bith aca air ceangal ris na h-ionnsaighean anns a' Bhruiseil Dimàirt, ged a tha iad a' rannsachadh a bheil ceangal aig an duine seo ris a' cheannairc ann am Paris bho chionn ceithir mìosan.

'S e cìsean as motha a thug buaidh air a' chiad deasbad telebhisein an-raoir eadar ceannardan poileataigeach na h-Alba ron taghadh anns a' Chèitean. Thuirt ceannard an SNP, Nicola Sturgeon, gum bu chòir ìre àrd aig 50sg san not a stèidheachadh airson cìs teachd a-steach. Ach chàin cuid de na ceannardan eile i, agus iad a' faighneachd carson nach do rinn i sin fhathast.

Tha poilis fhathast a' rannsachadh tubaiste càir san deach dithis òg a mharbhadh faisg air Inbhir Nis an-raoir. Chaidh nighean a bha 16 's gille a bha 18 a mharbhadh anns an tubaist faisg air Cùil Lodair. Chaidh dithis òg eile a dhroch ghoirteachadh agus tha iad anns an ospadal.

Dh'aontaich comhairlichean gum feum atharrachadh mòr a thoirt air Comhairle na Gàidhealtachd, agus air an dòigh sa bheil an t-ùghdarras a' toirt seachad sheirbheisean mar dhòigh air airgead a chùmhnadh. Chuala a' Chomhairle gum faodadh luchd-obrach an cosnadh a chall, pàirt de na seirbheisean a chur chun na roinne prìobhaidich, agus stad gu lèir do chuid de sheirbheisean eile.

Malaig - Loch Baghasdail

Seo a' chiad là den t-seòladh oifigeil air an t-seirbheis aiseig eadar Loch Baghasdail is Malaig. Dh'fhàg i Loch Baghasdail aig 07:00m an-diugh 's i a' dèanamh air Malaig. Ach 's ann às an Òban a bhios an MV Lord of the Isles a' tilleadh feasgar, ma leigeas an aimsir leatha, agus Cal Mac ag ràdh nach eil cidhe Mhalaig freagarrach ann an droch shìde.

Air fhoillseachadh