Buidheann thar phàrtaidh na Gàidhlig

Tha còir gum faigh pàrantan ann an Glaschu fios Dihaoine am faigh an cuid cloinne àite ann an sgoil Ghàidhlig sa bhaile an ath-bhliadhna.

Bha sin am measg na thàinig am bàrr aig coinneimh de bhuidhinn thar phàrtaidh na Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin.

Chaidh innse ron seo gur dòcha nach biodh àiteachan ann, a rèir 's càite a bheileas a' fuireach.