Ratharsair fhathast gun nurs

Dh'iarr buidheann coimhearsnachd ann an Ratharsair coinneamh le NHS na Gàidhealtachd 's dragh orra gu bheil an t-eilean fhathast as aonais nurs.

Tha e air fàililgeadh air ceannardan slàinte cuideigin fhaighinn airson na dreuchd, agus iad a-nis ag ràdh gum feum iad sealltainn ri roghainnean eile.

Tha sin fhathast a' fàgail Ratharsair gun seirbheis nurs taobh-a-muigh nan uairean-obrach àbhaisteach.